Bidh fàilte chridheil romhad sa Ghàidhealtachd ann an Inbhir Nis – co-dhiù bhios tu a’ tadhal, a’ gabhail cuairt, a’ dol dha na bùthan, ri cur-seachad no a’ fuireach sa bhaile. Tha e nàdarra dhuinn a bhith aoigheil is cuideachail, agus is toigh leinn a bhith ri còmhradh. ’S e àite inntinneach a th’ ann an Inbhir Nis agus tha e math airson a bhith ag obair agus a’ fuireach ann. Cuirear fàilte air smuaintean ùra, daoine ùra agus gnìomhachasan ùra.
Faic dè tha a’ dol sa bhaile bheothail seo. Tha barrachd ann na shaoileadh tu. Mura faic thu rud a tha thu a’ lorg, theirig gu duilleag nan ceangalan agus faighnich dhuinn. Bidh sinn toilichte do chuideachadh.
Ma tha thu airson peann no stiogair Inbhir Nis fhaighinn an-asgaidh, cuir fios gu Ken Gordon. 

